Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Thugaibh a‑mach toraidhean iomchaidh an aithreachais. Agus na tòisichibh air cantainn rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Thugaibh ma ta mach toradh freagrach do ʼn aithreachas, agus na teannaibh ri radh: Tha Abraham ʼna athair againn. Oir deiream ribh, gum beil Dia comasach air clann a thogail do dhʼ Abraham de na clachan so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:8
29 Iomraidhean Croise  

“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh.


Thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais.


Agus na smaoinichibh a ràdh rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo.


Aon uair 's gu bheil maighstir an taighe air èirigh agus air an doras a dhùnadh, agus a thòisicheas sibhse air seasamh a‑muigh agus gnogadh air an doras, ag ràdh, ‘A thighearna, fosgail an doras dhuinn’, an uair sin freagraidh esan sibh, ‘Chan eil fios agam cò às a tha sibh.’


“An uair sin tòisichidh sibh air a ràdh, ‘Dh'ith sinn agus dh'òl sinn mud choinneamh, agus theagaisg thu nar sràidean.’


agus gun tig an neach a thug cuireadh dhutsa is dhàsan agus gun can e riut, ‘Thoir an t‑àite agadsa dhan duine seo,’ agus an uair sin gun tòisich thusa, le nàire, air an t‑àite as ìsle a ghabhail.


Agus fhreagair esan, “Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin sàmhach, gun èigheadh na clachan a‑mach.”


Agus thuirt Ìosa ris, “Thàinig slàinte an‑diugh chun an taighe seo, a chionn 's gur e mac do dh'Abrahàm a th' anns an duine seo cuideachd.


Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusanachadh, ag ràdh, “Cò e seo a tha a' bruidhinn gu toibheumach? Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”


Fhreagair iad e, “Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh nar tràillean aig duine sam bith. Carson a tha thusa ag ràdh, ‘Bidh sibh air ur dèanamh saor’?”


Fhreagair iadsan, “Is e Abrahàm ar n‑athair‑ne.” Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh nur cloinn do dh'Abrahàm, dhèanadh sibh na h‑obraichean aig Abrahàm.


ach chuir mi an cèill an toiseach dhaibhsan ann an Damascas, an uair sin ann an Ierusalem agus tro roinn Iudèa gu lèir, agus cuideachd dha na Cinnich, gum bu chòir dhaibh aithreachas a dhèanamh is tionndadh gu Dia, a' dèanamh ghnìomhan a fhreagras air an aithreachas aca.


Mar sin tha e o chreideamh, airson 's gum faod an gealladh a bhith air a dhèanamh cinnteach dhan t‑sìol aige gu lèir, a rèir gràis, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha dhen lagh ach cuideachd dhaibhsan a tha de chreideamh Abrahàim, a tha na athair dhuinn uile,


cha mhotha a tha iad uile nan sliochd do dh'Abrahàm a chionn 's gu bheil iad nan sìol dha, ach, “Tro Ìsaac bidh do shliochd air an ainmeachadh.”


air ur lìonadh le toradh na fìreantachd a tha tro Ìosa Crìosd, gu glòir is cliù Dhè.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan