Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‑shagartan, thàinig facal Dhè gu Eòin mac Shachariah anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd-shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‐shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Ri linn nan ard-shagart Annas agus Caiphas, thainig facal an Tighearna gu Eoin, mac Shachariais, anns an fhasach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:2
21 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha iadsan a' falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin, ag ràdh, “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith?


An uair sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh ann an lùchairt an àrd‑shagairt, dham b' ainm Caiaphas,


Dìreach mar a tha e sgrìobhte ann an Isaiah am fàidh: “Seall, tha mi a' cur mo theachdaire air thoiseach ort, a dh'ullaicheas do shlighe;


Agus dh'fhàs an leanabh, agus chaidh a neartachadh ann an spiorad, agus bha e anns an fhàsach gu latha an fhoillseachaidh phoblaich aige do dh'Israel.


Thuirt Eòin ann am faclan Isaiah am fàidh, “Is mise guth neach ag èigheach anns an fhàsach, ‘Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna.’”


Chuir Annas an uair sin ceangailte e gu Caiaphas an t‑àrd‑shagart.


agus Annas an t‑àrd‑shagart is Caiaphas is Eòin is Alecsander is iadsan uile a bha de theaghlach an àrd‑shagairt.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan