Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Agus le mòran earalaichean eile, shearmonaich e an soisgeul dhan t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 ʼSa comhairleachadh ioma ni eile, shearmonaich e doʼn t-sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:18
9 Iomraidhean Croise  

Tha a ghuit aige na làimh, airson an t‑ùrlar‑bualaidh aige a ro‑ghlanadh, agus a' chruithneachd a chruinneachadh dhan t‑sabhal aige, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.”


Ach bha Herod an tetrarc air cronachadh fhaighinn uaithe air sgàth Heròdiais, bean a bhràthar, agus air sgàth gach uilc a bha Herod air a dhèanamh,


Tha Eòin a' toirt fianais ma dheidhinn. Tha e ag èigheach, ag ràdh, “Is e seo esan air an do bhruidhinn mi: ‘Tha am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’”


Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


Chunnaic mi agus tha mi a' toirt fianais gur e seo Mac Dhè.”


Agus le mòran bhriathran eile thug e fianais agus chùm e air gan earalachadh, ag ràdh, “Sàbhailibh sib' fhèin on ghinealach choirbte seo.”


Nuair a bha e air a dhol tro na sgìrean sin agus air am misneachadh le mòran bhriathran, thàinig e dhan Ghrèig.


an neach a nì earail, na earalachadh; an neach a bhuilicheas, ann am fialaidheachd; an neach a threòraicheas, gu dìcheallach; an neach a nì gnìomhan tròcaireach, gu sunndach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan