Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 fhreagair Eòin iad uile, ag ràdh, “Tha mise gur baisteadh le uisge, ach tha Aon a' tighinn a tha nas cumhachdaiche na mise, agus chan eil mise airidh air barraill a chuarain fhuasgladh. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr‐iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:16
24 Iomraidhean Croise  

“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine.


Tha a ghuit aige na làimh, agus glanaidh e an t‑ùrlar‑bualaidh aige, agus cruinnichidh e a chruithneachd dha shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.”


Fhreagair Eòin, “Tha mise a' baisteadh le uisge, ach tha fear na sheasamh nur measg nach aithne dhuibh.


Is esan am fear a tha a' tighinn às mo dhèidh, agus nach airidh mise air barraill a chuarain fhuasgladh.”


Cha bhithinn air a bhith eòlach air, mura biodh am fear a chuir mi a bhaisteadh le uisge air innse dhomh, ‘Am fear air am faic thu an Spiorad a' tighinn a‑nuas agus a' fuireach, 's esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.’


Ge b' e cò a chreideas annamsa, mar a tha an Sgriobtar air a ràdh, sruthaidh aibhnichean de dh'uisge beò às a bhroinn.”


“oir bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh, beagan làithean às dèidh seo.”


Fhad 's a bha Peadar fhathast ag ràdh nan rudan seo, thuit an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal.


Mar sin, air àrdachadh gu deas‑làimh Dhè agus air gealladh an Spioraid Naoimh fhaighinn on Athair, tha e air an rud seo a dhòrtadh a‑mach a tha sibhse a' faicinn agus a' cluinntinn.


Oir ann an aon Spiorad chaidh ar baisteadh uile dhan aon chorp – Iùdhaich no Greugaich, daor no saor, agus chaidh toirt oirnn uile òl dhen aon Spiorad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan