Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Dh'fhaighnich saighdearan cuideachd dha, “Agus sinne, dè a nì sinne?” Agus thuirt e riutha, “Na toiribh airgid o neach sam bith tro làimh làidir, no tro chasaidean‑brèige, agus bithibh toilichte le ur tuarastal.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid‐bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Agus dhʼfharraid na saighdearan dheth cuideachd, a g-radh: Agus ciod a ni sinne? Us thuirt e riu: Na dianaibh ainneart air aon sam bith, ʼs na dianaibh casaid bhreige; us bithibh toilichte le ʼr paidheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:14
15 Iomraidhean Croise  

Nuair a chaidh e a‑steach a Chapernàum, thàinig ceannard‑ceud thuige, ga thagradh,


Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.”


Agus dh'fhaighnich an sluagh dha, “Dè, mar sin, a nì sinne?”


Agus thuirt esan riutha, “Na cruinnichibh càil a bharrachd air na chaidh òrdachadh dhuibh.”


Nuair a dh'fhalbh an t‑aingeal a bha a' bruidhinn ris, ghairm e air dithis dhe sheirbheisich agus saighdear cràbhach o mheasg na feadhna a bha ga fhrithealadh,


airson 's gum bi sibh neo‑choireach is neoichiontach, nur cloinn do Dhia, neo‑lochdach am meadhan ginealaich fhiair is chlaoin, agus nam measg tha sibhse a' deàlradh mar sholais san t‑saoghal,


Chan e gu bheil mi a' bruidhinn mu bhith ann an dìth, oir tha mi air ionnsachadh, ge b' e staid sa bheil mi, a bhith riaraichte.


San aon dòigh, teagaisg dha na seann bhoireannaich iad fhèin a ghiùlain mar a tha iomchaidh do naoimh, chan ann mar luchd‑càinidh, gun a bhith nan tràillean do dh'fhìon, 's nan luchd‑teagaisg air dè a tha ceart.


Agus chuala mi guth àrd air nèamh, ag ràdh: “A‑nis thàinig slàinte is cumhachd is rìoghachd ar Dè, agus ùghdarras a Chrìosd‑san, oir chaidh fear‑casaid ar bràithrean, an neach a tha gan casaid mu choinneamh ar Dè a latha 's a dh'oidhche, a thilgeil sìos.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan