Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Thàinig cìs‑mhaoir cuideachd airson a bhith air am baisteadh agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì sinne?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus thàinig mar an ceudna cìs-mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus thàinig mar an ceudna cìs‐mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus thainig na cis-mhaoir fhein ga ionnsuidh gu bhith air am baisteadh, us thuirt iad ris: A mhaighistir, ciod a ni sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:12
8 Iomraidhean Croise  

Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan a tha gur gràdhachadh, dè an duais a th' agaibh? Nach eil fiù 's na cìs‑mhaoir a' dèanamh an aon rud?


“Ach, a' seasamh fad' às, cha togadh an cìs‑mhaor fiù 's a shùilean suas gu nèamh, ach bhuail e a chom, ag ràdh, ‘A Dhia, bi tròcaireach riumsa, am peacach!’


Agus dh'fhaighnich an sluagh dha, “Dè, mar sin, a nì sinne?”


Agus thuirt esan riutha, “Na cruinnichibh càil a bharrachd air na chaidh òrdachadh dhuibh.”


(Nuair a chuala an sluagh gu lèir seo, agus na cìs‑mhaoir cuideachd, às dèidh dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin, dh'aidich iad gun robh Dia fìrinneach.


A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air an lot chun a' chridhe, agus thuirt iad ri Peadar 's ris a' chòrr dhe na h‑abstoil, “A bhràithrean, dè a nì sinn?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan