Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Agus dh'fhaighnich an sluagh dha, “Dè, mar sin, a nì sinne?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Us dhʼfharraid an sluagh dheth, a g-radh: Ciod ma ta ni sinne?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:10
7 Iomraidhean Croise  

Thàinig cìs‑mhaoir cuideachd airson a bhith air am baisteadh agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì sinne?”


Dh'fhaighnich saighdearan cuideachd dha, “Agus sinne, dè a nì sinne?” Agus thuirt e riutha, “Na toiribh airgid o neach sam bith tro làimh làidir, no tro chasaidean‑brèige, agus bithibh toilichte le ur tuarastal.”


Thugaibh a‑mach toraidhean iomchaidh an aithreachais. Agus na tòisichibh air cantainn rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo.


An uair sin thug e a‑mach iad agus thuirt e, “A mhaighstirean, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gum bi mi air mo shàbhaladh?”


A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air an lot chun a' chridhe, agus thuirt iad ri Peadar 's ris a' chòrr dhe na h‑abstoil, “A bhràithrean, dè a nì sinn?”


Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


Ach èirich agus thalla a‑steach dhan bhaile, agus thèid innse dhut dè a dh'fheumas tu a dhèanamh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan