Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 ‘Feumaidh Mac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rithist air an treas latha.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 A g-radh: Feumaidh Mac an duine a bhith air a liubhairt do lamhan dhaoine peacach, agus air a cheusadh, agus eirigh a rithist air an treas latha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:7
4 Iomraidhean Croise  

On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?”


Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,


“Tha sinne nar n‑Iùdhaich a thaobh nàdair 's chan ann nar peacaich o na Cinnich,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan