Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Chan eil e an seo, ach tha e air èirigh! Cuimhnichibh mar a thuirt e ribh fhad 's a bha e fhathast ann an Galile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Cha n-eil e ʼn so, ach dhʼ eirich e: cuimhnichibh ciamar a thuirt e ribh, nuair a bha e fhathast ann an Galile,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:6
19 Iomraidhean Croise  

Thuirt e, “Feumaidh Mac an Duine mòran fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus air a thogail suas air an treas latha.”


Agus thòisich e a' teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a‑rithist.


Chan eil e an seo, oir dh'èirich e, mar a thubhairt e. Thigibh, faicibh an t‑àite far an do shìn e.


“Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”


ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’


On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn.


Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e.


Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh?


ag ràdh, “Dh'èirich an Tighearna dha‑rìribh agus nochd e ri Sìmon!”


Ach thog Dia suas e, ga shaoradh o phiantan a' bhàis, a chionn 's nach robh e an comas dha a bhith air a chumail leis a' bhàs.


Nach eil cuimhne agaibh, fhad 's a bha mi còmhla ribh, gun robh mi ag innse nan rudan seo dhuibh?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan