Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus a' gabhail an eagail, chrom iadsan an aghaidhean chun na talmhainn. Thuirt na daoine riutha, “Carson a tha sibh a' sireadh an fhir a tha beò am measg nam marbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼS nuair bha iad fo fhiamh, ʼsa cromadh an aghaidh gu làr, thuirt iad riu: Car-son tha sibh a sireadh a bheo am measg nam marbh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:5
15 Iomraidhean Croise  

Ach bha i fo dhragh mòr air sgàth an fhacail aige, agus dh'fheuch i ri reusanachadh gu dè an seòrsa fàilte a dh'fhaodadh a bhith an seo.


Fhad 's a bha iad ann an imcheist mun seo, seall, sheas dithis dhaoine ann an aodaichean deàlrach rin taobh.


Chan eil e an seo, ach tha e air èirigh! Cuimhnichibh mar a thuirt e ribh fhad 's a bha e fhathast ann an Galile:


Ach thog Dia suas e, ga shaoradh o phiantan a' bhàis, a chionn 's nach robh e an comas dha a bhith air a chumail leis a' bhàs.


Air an aon làimh, is iad daoine bàsmhor a gheibh na deicheamhan; ach air an làimh eile gheibh esan iad dham bheil fianais air a thoirt gu bheil e fhathast beò.


agus esan a tha beò, is a bha marbh, agus seall, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, agus tha iuchraichean a' bhàis is Ifrinn agam.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan