Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:47 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

47 agus gum feumadh aithreachas is mathanas pheacaidhean a bhith air a shearmonachadh na ainm‑san dhan a h‑uile nàisean, a' tòiseachadh o Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

47 Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

47 Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm‐san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

47 Agus peanas us mathanas pheacannan a bhith air an searmonachadh ʼna ainm, feadh a h-uile rioghachd, a tòiseachadh aig Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:47
52 Iomraidhean Croise  

Thallaibh‑se, mar sin, agus dèanaibh deisciobail dhen a h‑uile nàisean, gam baisteadh ann an ainm an Athar agus a' Mhic agus an Spioraid Naoimh,


ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.”


Ach thallaibh agus foghlaimibh dè a tha seo a' ciallachadh: ‘Is miann leam tròcair, agus chan e ìobairt.’ Oir cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.”


“A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach.


Dhàsan tha na fàidhean uile a' toirt fianais gum faigh a h‑uile neach a chreideas ann mathanas pheacaidhean tro ainm‑san.”


Nuair a chuala iad na rudan seo bha iad sàmhach. Agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Mar sin, thug Dia dha na Cinnich cuideachd an t‑aithreachas a tha gu beatha.”


An uair sin bhruidhinn Pòl is Barnabas a‑mach gu dàn, ag ràdh, “Dh'fheumadh facal Dhè a bhith air a bhruidhinn ribhse an toiseach. Ach air sgàth 's gu bheil sibh ga dhiùltadh agus a' toirt breith nach eil sib' fhèin airidh air a' bheatha shìorraidh, seallaibh, tha sinne a' tionndadh gu na Cinnich.


Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


ach chuir mi an cèill an toiseach dhaibhsan ann an Damascas, an uair sin ann an Ierusalem agus tro roinn Iudèa gu lèir, agus cuideachd dha na Cinnich, gum bu chòir dhaibh aithreachas a dhèanamh is tionndadh gu Dia, a' dèanamh ghnìomhan a fhreagras air an aithreachas aca.


“Mar sin biodh fios agaibh gu bheil an t‑slàinte seo aig Dia air a cur gu na Cinnich, agus èistidh iadsan!”


Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às,


“Agus chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm sam bith eile fo nèamh air a thoirt am measg dhaoine leis am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh.”


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


A‑nis thàinig an lagh a‑steach airson an cionta a mheudachadh, ach far an do mheudaich am peacadh, mheudaich gràs na bu mhotha buileach,


gu moladh glòir a ghràis, a bhuilich e oirnn gu saor san Aon Ghràdhaichte.


Dhòmhsa, an neach as lugha dhe na naoimh gu lèir, chaidh an gràs seo a thoirt, beairteas Chrìosd – nach urrainnear a rannsachadh – a shearmonachadh am measg nan Cinneach,


dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.


Tha mi a' sgrìobhadh thugaibhse, a chlann bheaga, oir tha ur peacaidhean air am mathadh air sgàth ainme‑san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan