Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:45 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

45 An uair sin dh'fhosgail e an inntinnean airson 's gun tuigeadh iad na Sgriobtaran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

45 An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

45 An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

45 An sin dhʼfhosgail e an tuigse, los gun tuigeadh iad na sgriobtuirean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:45
13 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt iad ri chèile, “Nach robh ar cridheachan a' lasadh annainn fhad 's a bha e a' bruidhinn rinn air an t‑slighe, fhad 's a dh'fhosgail e dhuinn na Sgriobtaran?”


Bha boireannach àraidh ag èisteachd dham b' ainm Lidia, o bhaile Thiatìra, reiceadair aodaich purpaidh, a bha na neach‑adhraidh do Dhia. Dh'fhosgail an Tighearna a cridhe airson aire a thoirt dha na thuirt Pòl.


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


Oir a h‑uile sìon a thig am follais 's e solas a th' ann. Air an adhbhar seo tha e air a ràdh: “Dùisg, a neach cadail, agus èirich o na mairbh, is deàlraidh Crìosd ort.”


Agus tha fios againn gun tàinig Mac Dhè agus gun tug e dhuinne tuigse airson 's gum bi eòlas againn airsan a tha fìor, agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac, Ìosa Crìosd. Is esan an Dia fìor agus a' bheatha shìorraidh.


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann am Philadelphia, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan ag ràdh, an Aon Naomh, an Aon Fìor, an Aon aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Aon a tha a' fosgladh 's nach dùin neach sam bith, agus a dhùineas is nach fosgail neach sam bith:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan