Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 24:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Nach fheumadh Criosta iad so fhulang, agus mar so dol a stigh dha ghloir?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 24:26
18 Iomraidhean Croise  

An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”


Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,


‘Feumaidh Mac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rithist air an treas latha.’”


Nuair a chaidh a thogail o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail air na thubhairt e, agus chreid iad an Sgriobtar, agus na faclan a thuirt Ìosa.


Oir cha do thuig iad fhathast an Sgriobtar, gum feumadh esan èiridh o na mairbh.


a' mìneachadh agus a' dearbhadh gun robh e riatanach dhan Chrìosd fulang is èirigh o na mairbh, agus ag ràdh, “Is e seo an Crìosd, Ìosa a tha mise a' searmonachadh dhuibh.”


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


A' sireadh gu dè an neach no dè an t‑àm a bha Spiorad Chrìosd a bh' annta a' foillseachadh dhaibh, a' dèanamh fàisneachd air fulangasan Chrìosd agus na glòirean a leanadh.


Beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, neach, a rèir a mhòr thròcaire, a th' air ar n‑ath‑ghin gu dòchas beò tro aiseirigh Ìosa Crìosd o na mairbh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan