Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 23:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 An uair sin thuirt Pìlat ris na h‑àrd‑shagartan agus ris an t‑sluagh, “Chan eil mi a' faighinn coire sam bith anns an duine seo.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd-shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd‐shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Us thuirt Pilat ris na h-ard-shagairt ʼs ris an t-sluagh: Cha n-eil mi faighinn coire sam bith anns an duine so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 23:4
13 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha e na shuidhe air cathair a' bhreitheanais, chuir a bhean fios thuige, ag ràdh, “Na gabh gnothach sam bith ris an fhìrean sin, oir tha mi air mòran fhulang an‑diugh ann am bruadar air a sgàth‑san.”


Agus thuirt Pìlat riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e?” Ach 's ann bu mhotha a dh'èigh iadsan, “Ceus e!”


Ach an treas uair thuirt e riutha, “Carson, dè an t‑olc a rinn e? Cha d' fhuair mise ciont sam bith ann a tha airidh air bàs. Mar sin, peanasaichidh mi e agus leigidh mi mu sgaoil e.”


Thuirt Pìlat ris, “Gu dè a th' anns an fhìrinn?” Agus às dèidh dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rithist gu na h‑Iùdhaich, agus thuirt e riutha, “Chan eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.


Ach fhuair mise a‑mach nach do rinn e rud sam bith a bha airidh air bàs. Agus a chionn 's gun do dh'ath‑agair esan e fhèin chun an Ìmpire, chuir mi romham a chur thuige.


Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil.


Oir bha e riatanach gum biodh a leithid seo de dh'àrd‑shagart againne; naomh, neoichiontach, neo‑thruaillidh, air leth bho pheacaich agus air a dhèanamh nas àirde na na nèamhan,


ach le fuil phrìseil Chrìosd, mar uan gun smal is gun spot.


“Esan nach do pheacaich 's nach robh air fhaotainn le foill na bheul.”


Oir dh'fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo‑fhìrean, airson 's gun toireadh e sibhse gu Dia, às dèidh a bhith air a chur gu bàs san fheòil ach air a dhèanamh beò san Spiorad;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan