Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 23:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus thòisich iad air casaidean a chur air, ag ràdh, “Fhuair sinn am fear seo a' cur ar nàisean air seachran agus gar bacadh o chìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd, a tha na rìgh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus leig iad air coire chur air, a g-radh: Fhuair sinn an duine so a cur ar cinnidh air aimhreadh, ʼsa bacail cis a thoirt do Chésar, ʼsa g-radh gur e fhein Criosta an righ.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 23:2
33 Iomraidhean Croise  

A dh'aindeoin sin, airson 's nach toir sinn oilbheum dhaibh, thalla chun na mara is tilg dubhan innte, agus gabh a' chiad iasg a thig suas; is nuair a dh'fhosglas tu a bheul gheibh thu bonn airgid. Gabh sin is thoir dhaibh e air mo shon‑sa agus air do shon fhèin.”


Thuirt iadsan ris, “Le Cèasar.” An uair sin thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”


A‑nis sheas Ìosa mu choinneamh an riaghladair, agus cheasnaich an riaghladair e: “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus thuirt Ìosa ris, “Tha thu ga ràdh.”


Thuirt Ìosa riutha, “Thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar agus do Dhia na rudan a tha le Dia.” Agus ghabh iad iongnadh ris.


Agus dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.”


agus thuirt e riutha, “Thug sibh thugamsa an duine seo, mar neach a tha a' tionndadh an t‑sluaigh a thaobh. Tha mi air a cheasnachadh nur làthair agus cha d' fhuair mi coire sam bith san duine seo a thaobh nan casaidean a tha sibh a' dèanamh na aghaidh.


Ach chùm iadsan orra, ag ràdh, “Tha e a' brosnachadh an t‑sluaigh, a' teagasg tro Iudèa uile, o Ghalile far an do thòisich e eadhon thuige seo.”


Mar sin chaidh Pìlat a‑mach thucasan agus thuirt e, “Gu dè a' chasaid a tha sibh a' toirt an aghaidh an duine seo?”


Fhreagair iadsan, “Mura b' e fear a bha a' dèanamh ghnìomhan olca a bh' ann, cha bhiodh sinne air a thoirt thairis dhutsa.”


On àm sin suas shir Pìlat cothrom airson a chur mu sgaoil, ach dh'èigh na h‑Iùdhaich, “Ma leigeas tu am fear seo mu sgaoil, chan e caraid do Chèasar a th' annad: ge b' e neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a' dol an aghaidh Chèasair.”


Cha mhotha as urrainn dhaibh dearbhadh dhut na tha iad a‑nis a' togail nam aghaidh.


“Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, fear a tha a' brosnachadh ùpraidean am measg nan Iùdhach uile air feadh an t‑saoghail 's a tha na cheann‑feadhna de bhuidheann nan Nàsarènach.


Thoir dhan a h‑uile duine a chòir: dhaibhsan dham bheil còir air cìsean, cìsean; dhaibhsan dham bheil còir air teachd a‑steach, teachd a‑steach; dhaibhsan dham bheil còir air eagal, eagal; dhaibhsan dham bheil còir air urram, urram.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan