Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 22:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Chuir Ìosa a‑mach Peadar agus Eòin, ag ràdh, “Thallaibh agus ullaichibh a' Chàisg dhuinn, airson 's gun ith sinn i.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Us chuir e Peadar agus Eoin, a g-radh: Falbhaibh, agus deasaichibh dhuinn a chàisg gus gun ich sinn i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 22:8
12 Iomraidhean Croise  

Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis.


Agus bha an dithis aca fìreanta mu choinneamh Dhè, gan giùlain fhèin gu neo‑lochdach ann an àithntean is òrduighean an Tighearna gu lèir.


Dh'fhaighnich iad dha, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid i?”


A‑nis bha Peadar is Eòin a' dol suas dhan teampall aig àm na h‑ùrnaigh – trì uairean feasgar.


Fhad 's a bha grèim aige air Peadar is Eòin, ruith an sluagh gu lèir thuca ann an sgàil‑thaigh Sholaimh, fo mhòr‑iongnadh.


A' faicinn Peadair is Eòin gus a dhol a‑steach dhan teampall, dh'iarr e dèirc.


A‑nis nuair a chunnaic iad dànadas Pheadair is Eòin, agus a thuig iad gum b' e daoine gun fhoghlam agus cumanta a bh' annta, ghabh iad iongnadh. Agus dh'aithnich iad gun robh iadsan air a bhith còmhla ri Ìosa.


Ach fhreagair Peadar is Eòin iad, “A bheil e ceart ann am fianais Dhè èisteachd ribhse seach ri Dia? Breithnichibh,


A‑nis nuair a chuala na h‑abstoil a bh' ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria ri facal Dhè, chuir iad thuca Peadar is Eòin


agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan