Lùcas 22:52 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201752 An uair sin thuirt Ìosa ris na h‑àrd‑shagartan, ri oifigearan an teampaill agus ris na h‑èildearan, a bha air tighinn air a shon, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean mar gum b' e gadaiche a bh' annam? Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199252 An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd-shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199252 An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd‐shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir‐reubainn? Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187552 Agus thuirt Iosa ris na h-ard-shagairt, ʼs ri uachdrain an teampuill, ʼs ris na seanairean, a thainig ga ionnsuidh: An tainig sibh le claidhean ʼs le bataichean mar gum bʼ ann gu meirleach? Faic an caibideil |