Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 22:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 agus canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh ribh: “Càit a bheil an seòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?”’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus abraibh ri fear‐an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoigheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Agus their sibh ri fear an tighe: Tha am maighistir a g-radh riut: Càit a bheil seomar nan aoidhean, far an ith mi chàisg maille ri mo dheisciopuil?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 22:11
9 Iomraidhean Croise  

Ma chanas neach sam bith rud sam bith ribh, canaibh, ‘Tha feum aig an Tighearna orra agus cuiridh e air ais sa bhad iad.’”


agus ge b' e àite dhan tèid e a‑steach, canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh: Càit a bheil mo sheòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?’


Ma dh'fhaighnicheas neach sam bith dhuibh, ‘Carson a tha sibh ga fhuasgladh?’ canaibh mar seo: ‘Tha feum aig an Tighearna air.’”


Fhreagair iadsan, “Tha feum aig an Tighearna air.”


Nuair a thàinig Ìosa dhan àite, sheall e suas agus thuirt e ris, “A Shachèuis, dèan cabhag 's thig a‑nuas, oir an‑diugh feumaidh mi fuireach aig do thaigh.”


Thuirt e riutha, “Seallaibh, nuair a tha sibh air a dhol a‑steach dhan bhaile, coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e a‑steach dhan taigh dhan tèid e,


Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr uidheamaichte, shuas an staidhre: ullaichibh i an sin.”


Às dèidh dhi seo a ràdh, dh'fhalbh i agus ghairm i air a piuthar Màiri, ag ràdh gu dìomhair, “Tha an Neach‑Teagaisg an seo, agus tha e gad ghairm.”


Seall, tha mi a' seasamh aig an doras agus a' gnogadh; ma chluinneas neach sam bith mo ghuth agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach thuige agus ithidh mi còmhla ris, agus esan còmhla riumsa.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan