Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 21:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh oillt oirbh, oir feumaidh na rudan seo tachairt an toiseach, ach cha bhi a' chrìoch ann sa bhad.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr-gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr‐gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 ʼS nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean agus àr-a-mach, na gabhaibh eagal: feumaidh iad sin tachairt an toiseach, ach cha n-eil a chrioch tur fhathast.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 21:9
13 Iomraidhean Croise  

An uair sin thuirt e riutha, “Èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.


Nuair a thòisicheas na rudan seo air tachairt, seasaibh suas agus togaibh ur cinn, oir tha ur saoradh a' tighinn faisg.”


Agus thuirt esan, “Thoiribh an aire nach tèid ur mealladh, oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan!’ agus ‘Tha an t‑àm faisg air làimh!’ Na leanaibh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan