Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 20:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Ach ma their sinn: Bho dhaoine; clachaidh an sluagh uile sinn: oir is cinnteach leo gum bʼ fhaidh Eoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 20:6
13 Iomraidhean Croise  

Dè ma‑thà a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus barrachd air fàidh.


Agus ged a bha Herod ag iarraidh a chur gu bàs, bha eagal air on t‑sluagh, oir mheas iad gum b' e fàidh a bh' ann.


Ach ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ tha eagal an t‑sluaigh oirnn, oir tha iad uile a' meas gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”


Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an greim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir bha iadsan a' meas gum b' e fàidh a bh' ann.


Ach thuirt iad, “Chan ann aig àm na fèille, air eagal 's gum bi aimhreit am measg an t‑sluaigh.”


Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an grèim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a thuirt e a' chosamhlachd. Mar sin dh'fhàg iad e agus chaidh iad air falbh.


Agus thusa, a leanaibh, thèid fàidh an Aoin as àirde a ghabhail ort; oir thèid thu ron Tighearna, a dh'ullachadh a shlighean,


Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson nach do chreid sibh e?’


Mar sin fhreagair iadsan nach robh fhios aca cò às a bha e.


Ach dhiùlt na Pharasaich agus an luchd‑lagha rùn Dhè air an son fhèin, a chionn 's nach deach am baisteadh leis.)


Thàinig mòran thuige. Agus thuirt iad, “Cha do rinn Eòin aon chomharra mìorbhaileach, ach bha a h‑uile rud a thuirt Eòin mun duine seo fìor.”


An uair sin chaidh an caiptean le oifigearan agus thug iad leotha iad: cha b' ann tro cho‑èigneachadh, oir bha an t‑eagal orra on t‑sluagh – gun fhios nach biodh iad air an clachadh leotha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan