Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 20:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson nach do chreid sibh e?’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Ach smaoinich iadsan unnta fhein, a g-radh: Ma their sinn: Bho neamh; their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 20:5
11 Iomraidhean Croise  

Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach tug sinn aran leinn.”


An ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?” Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan rinn, ‘Carson ma‑thà nach do chreid sibh e?’


an ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?”


Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”


Is e seo esan a bha mi a' ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Tha fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’


Chunnaic mi agus tha mi a' toirt fianais gur e seo Mac Dhè.”


Thàinig iad gu Eòin agus thuirt iad ris, “A Rabaidh, esan a bha còmhla riut air taobh thall Iòrdain – dhan tug thu fianais – seall, tha e a' baisteadh agus tha na h‑uile a' dol thuige.”


Ge b' e a chreideas anns a' Mhac, tha a' bheatha shìorraidh aige, ach ge b' e nach creid anns a' Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a' fantainn air.”


Agus fhad 's a bha Eòin a' crìochnachadh a chùrsa, thuirt e, ‘Dè a tha sibh a' smaoineachadh a th' annamsa? Cha mhise esan. Cha mhi, ach seallaibh, às mo dhèidh tha fear a' tighinn, nach airidh mi air cuarain a chasan fhuasgladh.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan