Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 20:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Thuirt iad ris, “Innis dhuinn dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus labhair iad ris, a g-radh: Innis dhuinn ciod an t-ughdaras leis a bheil thu a dianamh nan nichean so? no co esan a thug an t-ughdaras so dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 20:2
13 Iomraidhean Croise  

Aon latha, fhad 's a bha Ìosa a' teagasg an t‑sluaigh anns an teampall agus a' searmonachadh an t‑soisgeil, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean, còmhla ri na h‑èildearan, suas thuige.


Fhreagair esan, “Faighnichidh mise ceist dhuibhse cuideachd. Innsibh dhomh:


An uair sin fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Dè an comharra mìorbhaileach a tha thu a' sealltainn dhuinn mar dhearbhadh air na rudan seo a tha thu a' dèanamh?”


“Ach phut an duine a bha a' dèanamh eucoir air a nàbaidh Maois gu aon taobh, ag ràdh, ‘Cò a rinn thusa nad riaghladair is nad bhritheamh thairis oirnne?


“A dhaoine rag‑amhaicheil, neo‑thimcheall‑gheàrrte ann an cridhe 's ann an cluasan, tha sibh an‑còmhnaidh a' cur an aghaidh an Spioraid Naoimh. Tha sibhse a' dèanamh dìreach mar a rinn ur n‑athraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan