Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 20:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Aon latha, fhad 's a bha Ìosa a' teagasg an t‑sluaigh anns an teampall agus a' searmonachadh an t‑soisgeil, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean, còmhla ri na h‑èildearan, suas thuige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Us thachair air a h-aon de na laithean sin, nuair a bha e teagasg an t-sluaigh san teampull, ʼsa searmonachadh an t-soisgeil, gun do chruinnich na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich maille ris na seanairean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 20:1
10 Iomraidhean Croise  

Aig an àm sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? Shuidh mi gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi.


Thuirt iad ris, “Innis dhuinn dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”


Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris,


Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.


Agus fhad 's a bha iad a' bruidhinn ris an t‑sluagh, thàinig na sagartan is caiptean an teampaill is na Sadusaich thuca,


Agus bhrosnaich iad an sluagh is na h‑èildearan is na sgrìobhaichean, agus a' tighinn air, ghlac iad e agus thug iad mu choinneamh na Comhairle e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan