Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:51 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

51 Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

51 Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

51 Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

51 Agus chaidh e sios comhla riu, us thainig e gu Nasareth; agus bha e umhailt dhaibh. Agus ghleidh a mhathair na briathran so uile ʼna cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:51
15 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.


Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis.


Anns na làithean sin thàinig Ìosa o Nàsaret Ghalile agus chaidh a bhaisteadh le Eòin anns an Iòrdan.


Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòsais is Iùdais is Shìmoin? Agus nach eil a pheathraichean an seo còmhla rinn?” Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn.


Dh'innis iad dha, “Tha Ìosa o Nàsaret a' dol seachad.”


Ach ghlèidh Moire na rudan sin uile, a' meòrachadh orra na cridhe.


Agus nuair a choilean iad a h‑uile rud a rèir Lagh an Tighearna, thill iad a Ghalile, dham baile fhèin, Nàsaret.


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh.


Agus thuirt e riutha, “Gun amharas canaidh sibh an gnàth‑fhacal seo rium: ‘A lighiche, leighis thu fhèin! Na chuala sinn a rinn thu ann an Capernàum, dèan an seo na do bhaile fhèin cuideachd.’”


a' gèilleadh dha chèile ann an eagal Chrìosd.


Oir 's ann chun a seo a bha sibh air ur gairm, a chionn 's gun do dh'fhulaing Crìosd cuideachd air ar son‑se, a' fàgail eisimpleir agaibh airson 's gun leanadh sibh na cheumannan‑san:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan