Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:48 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

48 Agus nuair a chunnaic a phàrantan e, bha iad fo iongnadh, agus thuirt a mhàthair ris, “A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Seall, bha d' athair agus mise fo àmhghar gad shireadh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

48 Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

48 Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

48 Agus ga fhaicinn ghabh iad fior iongantas. Us thuirt a mhathair ris: A Mhic, car-son a rinn thu mar so oirnn? seall, bha tʼ athair agus mise gu muladach ga dʼ shireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:48
5 Iomraidhean Croise  

Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.


Agus thuirt esan riutha, “Carson a bha sibh gam shireadh? Nach robh fios agaibh gum feumainn‑sa a bhith ann an taigh m' Athar?”


Nuair a thòisich Ìosa fhèin a mhinistrealachd bha e mu thrithead bliadhna a dh'aois. B' esan, mar a chaidh a shaoilsinn, mac Iòsaiph, mhic Heli,


Agus bhruidhinn iad uile gu math ma dheidhinn is ghabh iad iongnadh mu na faclan gràsmhor a bha a' tighinn a‑mach às a bheul. Agus thuirt iad, “Nach e seo mac Iòsaiph?”


Fhuair Philip Natànael agus dh'innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd – Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan