Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin follais do rosgan dhaoin, 'S e paisgt an trusgan an‑uasal. 's na laigh am prasaich fhaoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus chaidh Ioseph cuideachd suas á Galile bho bhaile Nasareth gu Iudéa do bhaile Dhài, dha ʼn ainm Bethlehem, chionn gun robh e de thigh ʼs de theaghlach Dhài,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:4
24 Iomraidhean Croise  

Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.


agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”


Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.


airson 's gum biodh e air a chlàradh còmhla ri Moire a bha fo ghealladh‑pòsaidh aige, agus i trom le leanabh.


Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh.


“An tig rud math sam bith a‑mach à Nàsaret?” dh'fhaighnich Natànael. Thuirt Philip, “Thig agus faic.”


Nach tuirt an Sgriobtar gun tig an Crìosd o shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan