Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:38 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

38 Agus aig an uair sin fhèin thàinig i suas agus thòisich i air moladh a thoirt do Dhia agus air bruidhinn ma dheidhinn riuthasan uile aig an robh sùil ri saorsa Ierusaleim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

38 Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

38 Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

38 ʼSa tighinn a stigh sa cheart uair, dhʼaidich i an Tighearna; agus labhair i uime riusan uile aig an robh duil ri saorsainn Israil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:38
11 Iomraidhean Croise  

thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa.


“Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israeil, a chionn 's gun do thadhail e air a shluagh, agus gun do shaor e iad.


A‑nis, bha duine ann an Ierusalem air an robh an t‑ainm Simeon, agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, a' feitheamh ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.


Agus bha ban‑fhàidh ann, Anna, nighean Phanueil, de threubh Aseir. Bha i suas ann am bliadhnaichean. Bha i air fuireach seachd bliadhna còmhla ris an duine aice on àm a bha i na h‑òigh,


nach robh air aontachadh len co‑dhùnadh no len gnìomh. B' ann o Arimatèa, baile Iùdhach, a bha e agus bha e a' feitheamh air rìoghachd Dhè.


Ach bha dòchas againne gum b' esan am fear a bha a' dol a shaoradh Israeil – seadh, agus a thuilleadh air a seo uile, is e an‑diugh an treas latha on a thachair na rudan seo.


Taing do Dhia airson a thiodhlaic‑san a tha thar bhriathran.


Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, a th' air ar beannachadh leis a h‑uile beannachd spioradail sna h‑àiteachan nèamhaidh ann an Crìosd,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan