Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:34 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus bheannaich Simeon iad, agus thuirt e ri Moire a mhàthair, “Seall, chaidh am pàiste seo a shuidheachadh airson tuiteam is èirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharra a thèid cur na aghaidh

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 Agus bheannaich Simeon iad, us thuirt e ri Moire a mhathair: Fiach, chuireadh an leanabh so gu sgrios agus gu aiseirigh morain ann an Israel, agus ʼna chuspair a dhʼ aicheadhar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:34
38 Iomraidhean Croise  

Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus thuirt iad, ‘Seall, craosaire agus drungaire, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’ Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a gnìomhan.”


Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.


Agus ge b' e a thuiteas air a' chloich seo, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e cò air an tuit i, pronnaidh i e.”


ag ràdh, “A thighearna, tha cuimhn' againn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun tuirt e, ‘Às dèidh trì latha èiridh mi.’


– agus tollaidh claidheamh d' anam fhèin cuideachd – airson 's gun tèid smuaintean cridheachan mhòran fhoillseachadh.”


Oir tha fuath aig a h‑uile neach a nì olc dhan t‑solas, agus cha tig e chun an t‑solais air eagal 's gum bi a ghnìomhan air an dèanamh follaiseach.


Air an adhbhar seo 's ann a bu mhotha a bha na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh, oir chan e a‑mhàin gun robh e a' briseadh na Sàbaid, ach bha e cuideachd ag ràdh gum b' e Dia Athair‑san, ga dhèanamh fhèin co‑ionnan ri Dia.


Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, chaidh an lìonadh le eud agus thòisich iad air cur an aghaidh na bha Pòl ag ràdh, 's a' toirt toibheim.


Agus nuair nach b' urrainn dhaibh an lorg, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh mu choinneamh ùghdarrasan a' bhaile, ag èigheach, “Tha na daoine seo a th' air an saoghal a thionndadh bun‑os‑cionn air tighinn an seo cuideachd,


“Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, fear a tha a' brosnachadh ùpraidean am measg nan Iùdhach uile air feadh an t‑saoghail 's a tha na cheann‑feadhna de bhuidheann nan Nàsarènach.


Ach tha sinne a' miannachadh do bheachdan a chluinntinn uat; oir a thaobh na buidhne seo, is aithne dhuinn gu bheil iad a' bruidhinn na h‑aghaidh sa h‑uile h‑àite.”


Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chaidh na riaghladairean a chruinneachadh còmhla an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh an Aoin Ungte aige.'


Agus chùm facal Dhè air a' fàs agus bha àireamh nan deisciobal a' meudachadh gu ro mhòr ann an Ierusalem, agus bha cuideachd mhòr dhe na sagartan umhail dhan chreideamh.


Carson? A chionn 's nach b' ann o chreideamh, ach mar gum b' ann o obraichean. Thuislich iad thairis air a' ‘chloich‑thuislidh.’


ach tha sinne a' searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, dha na h‑Iùdhaich na cheap‑tuislidh, agus dha na Cinnich na amaideachd,


Oir b' e am Melchisedec seo, rìgh Shàleim, sagart an Dè as Àirde, a choinnich ri Abrahàm 's e a' tilleadh bho spadadh nan rìghrean agus bheannaich esan e,


Gun teagamh sam bith, tha am fear as lugha air a bheannachadh leis an fhear as motha.


Ma thèid dìmeas a dhèanamh oirbh airson ainm Chrìosd tha sibh beannaichte, oir nì spiorad na glòire agus Spiorad Dhè tàmh oirbh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan