Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 'N‑diugh rugadh dhuibh am baile 'n Rìgh, an Slànaighear, seadh Crìosd, Feuch, cluinnibh uamsa comharra, le 'm mothaich sibh gur fìor:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus chaidh iad uile gu bhith air an aireamh, gach aon gu bhaile fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:3
5 Iomraidhean Croise  

Anns na làithean sin chaidh òrdugh a‑mach o Chèasar Augustus an saoghal uile a bhith air a chlàradh.


(B' e seo a' chiad chlàradh a chaidh a dhèanamh nuair a bha Cuirinius na riaghladair air Siria.)


Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,


airson 's gum biodh e air a chlàradh còmhla ri Moire a bha fo ghealladh‑pòsaidh aige, agus i trom le leanabh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan