Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 A‑nis, bha duine ann an Ierusalem air an robh an t‑ainm Simeon, agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, a' feitheamh ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Us, seall, bha duine ann an Ierusalem, dhaʼm bʼainm Simeon, ʼs bha ʼn duine so ceart agus crabhach, a feitheamh ri sòlas Israil, agus bha ʼn Spiorad Naomh ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:25
22 Iomraidhean Croise  

Agus bha an dithis aca fìreanta mu choinneamh Dhè, gan giùlain fhèin gu neo‑lochdach ann an àithntean is òrduighean an Tighearna gu lèir.


Agus aig an uair sin fhèin thàinig i suas agus thòisich i air moladh a thoirt do Dhia agus air bruidhinn ma dheidhinn riuthasan uile aig an robh sùil ri saorsa Ierusaleim.


thàinig Iòsaph o Arimatèa, ball urramach dhen Chomhairle, a bha e fhèin cuideachd a' feitheamh airson rìoghachd Dhè, agus a' gabhail misneachd chaidh e a‑steach gu Pìlat, is dh'iarr e corp Ìosa.


Agus nuair a chuala Ealasaid fàilte Mhoire, leum an naoidhean na broinn, agus chaidh Ealasaid a lìonadh leis an Spiorad Naomh.


Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.


nach robh air aontachadh len co‑dhùnadh no len gnìomh. B' ann o Arimatèa, baile Iùdhach, a bha e agus bha e a' feitheamh air rìoghachd Dhè.


Mar sin tha mi an‑còmhnaidh a' dèanamh mo dhìchill cogais neoichiontach a bhith agam a thaobh Dhè agus dhaoine.


Agus thuirt iad, “Chaidh Cornelius – ceannard‑ceud, duine fìreanta agus air a bheil eagal Dhè, aig a bheil deagh ainm am measg nàisean nan Iùdhach uile – a stiùireadh le aingeal naomh airson cur gad iarraidh chun an taighe aige, agus cluinntinn na th' agad ri ràdh.”


duine cràbhach air an robh eagal Dhè còmhla ri a theaghlach uile, a thug dèirce gu fialaidh dhan t‑sluagh, agus a rinn ùrnaigh an‑còmhnaidh ri Dia.


Agus bha athair, Sachariah, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, is rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh:


A‑nis bha Iùdhaich a' fuireach ann an Ierusalem, daoine cràbhach bhon a h‑uile nàisean fo nèamh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan