Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Agus thill na buachaillean, a' glòrachadh agus a' moladh Dhè airson nan rudan sin uile a chuala agus a chunnaic iad, dìreach mar a chaidh innse dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Agus thill na buachaillean, a toirt gloire us molaidh do Dhia, air son nan nichean uilʼ a chual ʼsa chunnaic iad, mar a dhʼinnseadh dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:20
13 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chunnaic an sluagh seo, ghabh iad an t‑eagal; agus ghlòraich iad Dia, a bha air a leithid seo de dh'ùghdarras a thoirt do dhaoine.


Agus shearmonaich e ag ràdh, “Tha an t‑Aon a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, air nach airidh mise air cromadh sìos agus barraill a chuarain fhuasgladh.


Anns a' bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e e, a' toirt glòir do Dhia. Nuair a chunnaic an sluagh uile seo, thug iad cliù do Dhia.


Nuair a chuala iad na rudan seo bha iad sàmhach. Agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Mar sin, thug Dia dha na Cinnich cuideachd an t‑aithreachas a tha gu beatha.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan