Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 (B' e seo a' chiad chlàradh a chaidh a dhèanamh nuair a bha Cuirinius na riaghladair air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 Bu mhòr an oillt, ach thuirt e riutha, na gabhaibh geilt no sgàth, Oir sgeul ro ait tha agam dhuibh, is do gach linn gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us rinneadh a chiad aireamh so le Cirinus uachdran Shiria.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:2
9 Iomraidhean Croise  

Mar sin chaidh a chliù air feadh Shiria gu lèir, agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn, iadsan a bha a' fulang diofar bhochdainnean is phiantan, iadsan a bha fo chumhachd dheamhan, tuiteamaich agus luchd‑pairilis, agus shlànaich e iad.


Anns na làithean sin chaidh òrdugh a‑mach o Chèasar Augustus an saoghal uile a bhith air a chlàradh.


Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.


A‑nis anns a' chòigeamh bliadhna deug de rìoghachadh Thiberiuis Chèasair, nuair a bha Pontias Pìlat na riaghladair air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air ceàrnaidh Iturèa agus Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,


Bha e còmhla ris an uachdaran, Sergius Paulus, duine air leth glic, a ghairm Barnabas is Saul thuige agus a dh'iarr facal Dhè a chluinntinn.


Ach nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, thug na h‑Iùdhaich ionnsaigh aonaichte air Pòl agus thug iad gu cathair a' bhreitheanais e,


A Chlaudiuis Lisiais, Chun an Riaghladair as uaisle Felics: Fàilte.


An uair sin dh'èirich an rìgh 's an riaghladair 's Bernice agus iadsan a bha nan suidhe còmhla riutha.


Às a dhèidh, dh'èirich Iùdas an Galilèach, ann an làithean a' chunntais‑sluaigh, agus tharraing e air falbh mòran dhaoine. Chaidh cur às dhàsan cuideachd agus chaidh iadsan uile a dh'aontaich leis a sgapadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan