Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Agus gu h‑aithghearr bha mòr‑shluagh de dh'armailt nèamhaidh còmhla ris an aingeal a' moladh Dhè agus ag ràdh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

13 “Tha 'n t‑slàinte gheall thu dhuinn o shean 's a cho‑gheall thu faraon. A' dearbhadh dhuinn gur fìor do ghràdh gu bràth don chinne‑daoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus bha gu h-ealamh comhla ris an aingeal feachd mhor de dhʼarmailt fhlathanais, a moladh Dhe, ʼsa g-radh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:13
18 Iomraidhean Croise  

San aon dòigh, tha mi ag ràdh ribh gu bheil gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacach a nì aithreachas.”


Agus bidh seo na chomharra dhuibh: gheibh sibh an leanabh paisgte ann an aodach‑suainidh, agus na laighe ann am prasaich.”


“Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”


airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


Nach eil iad uile nan spioradan‑frithealaidh, air an cur a‑mach gus seirbheis a dhèanamh dhaibhsan a tha an impis sàbhaladh fhaighinn mar oighreachd?


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Agus chunnaic mi agus chuala mi an guth aig mòran ainglean timcheall air an rìgh‑chathrach, agus aig na creutairean beòtha agus aig na h‑èildearan, agus b' e an àireamh aca, deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan