Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:11 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Oir rugadh dhuibh an‑diugh, ann am baile Dhaibhidh, Slànaighear, agus is esan Crìosd an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

11 “Nis leig dod òglach triall an sìth chum sìorraidheachd mar gheall; On chunnaic mi do shlàint, a Thriath mo thriall na bitheadh mall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Oir an diugh rugadh dhuibh Slanair, Criosta an Tighearna, ann am baile Dhài.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:11
38 Iomraidhean Croise  

ghin Iàcob Iòsaph, an duine aig Moire, on do rugadh Ìosa, ris an canar Crìosd.


Beiridh i mac, agus bheir thu Ìosa mar ainm air, oir sàbhailidh esan a shluagh om peacaidhean.”


Fhreagair Sìmon Peadar, “Is tusa an Crìosd, Mac an Dè bheò.”


An uair sin dh'àithn e dha dheisciobail nach innseadh iad do neach sam bith gum b' esan an Crìosd.


Agus carson a dh'èirich seo dhòmhsa, gun tigeadh màthair mo Thighearna thugam?


Agus gun do thog e suas adharc sàbhalaidh dhuinne ann an taigh a sheirbheisich Daibhidh,


Agus chaidh fhoillseachadh dha leis an Spiorad Naomh nach fhaiceadh e bàs mus faiceadh e an Crìosd aig an Tighearna.


Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh,


B' e a' chiad rud a rinn Anndra a bhràthair Sìmon a lorg agus innse dha, “Fhuair sinn am Mesiah” ('s e sin Crìosd).


Fhuair Philip Natànael agus dh'innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd – Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.”


Thuirt i ris, “Tha, a Thighearna, tha mi a' creidsinn gur tusa an Crìosd, Mac Dhè, a bha a' dol a thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.”


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a' tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h‑uile rud dhuinn.”


Thuirt iad ris a' bhoireannach, “Chan ann air sgàth na thuirt thusa a tha sinn a' creidsinn tuilleadh; oir chuala sinn fhèin e, agus tha fios againn gur esan dha‑rìribh Slànaighear an t‑saoghail.”


Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.”


Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann?


Chuir e am facal gu clann Israeil, a' searmonachadh deagh sgeul na sìthe tro Ìosa Crìosd, as e Tighearna nan uile.


“O shliochd an duine seo tha Dia, a rèir a gheallaidh, air Slànaighear a thoirt gu Israel, Ìosa.


a' mìneachadh agus a' dearbhadh gun robh e riatanach dhan Chrìosd fulang is èirigh o na mairbh, agus ag ràdh, “Is e seo an Crìosd, Ìosa a tha mise a' searmonachadh dhuibh.”


“Mar sin biodh fios cinnteach aig taigh Israeil gu lèir gun do rinn Dia an dà chuid, na Thighearna agus na Chrìosd, an t‑Ìosa seo a cheus sibhse.”


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


Bha a' chiad duine on talamh, dèante on ùir; an dara duine, an Tighearna, o nèamh.


agus gun aidicheadh gach teanga gur e Ìosa Crìosd an Tighearna, gu glòir Dhè an t‑Athair.


Ach dha‑rìribh, tha mi a' meas a h‑uile sìon na chall, air sgàth sàr‑luach eòlais Chrìosd Ìosa mo Thighearna, dhan do dh'fhuiling mi a h‑uile nì a chall, 's tha mi gam meas mar sgudal airson 's gum buannaichinn Crìosd,


Mar sin, mar a fhuair sibh Crìosd Ìosa ar Tighearna, coisichibh ann,


Agus chunnaic sinn, agus thug sinn fianais, gun do chuir an t‑Athair am Mac gu bhith na Shlànaighear dhen t‑saoghal.


Tha gach neach a tha a' creidsinn gur e Ìosa an Crìosd air a bhreith o Dhia, agus tha gach neach aig a bheil gràdh dhan Athair, a' toirt gràidh cuideachd dhàsan a chaidh a bhreith leis.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan