Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 2:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Anns na làithean sin chaidh òrdugh a‑mach o Chèasar Augustus an saoghal uile a bhith air a chlàradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

1 Air bhith do bhuachaillean le chèil a' faireadh treud san oidhch, Thaisbeanadh aingeal dhaibh o nèamh, 's am magh lìon e le soills.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus anns na laithean sin thachair, gun deach achd a mach bho Chésar Augustus gus an saoghal uile aireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 2:1
13 Iomraidhean Croise  

Innis dhuinn, ma‑thà, dè do bheachd? A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?”


Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.”


Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.


Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.


airson 's gum biodh e air a chlàradh còmhla ri Moire a bha fo ghealladh‑pòsaidh aige, agus i trom le leanabh.


A‑nis anns a' chòigeamh bliadhna deug de rìoghachadh Thiberiuis Chèasair, nuair a bha Pontias Pìlat na riaghladair air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air ceàrnaidh Iturèa agus Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,


Agus sheas aon dhiubh, dham b' ainm Agabus, suas agus rinn e aithnichte tron Spiorad gum biodh gort mhòr air feadh an t‑saoghail. (Ghabh seo àite ann an làithean Chlaudiuis.)


Mar sin, mas e eucorach a tha annamsa agus gu bheil mi air rud sam bith a dhèanamh a tha gam fhàgail airidh air bàs, chan eil mi a' sireadh bàs a sheachnadh. Ach mura h‑eil sìon anns na casaidean aca nam aghaidh, chan urrainn neach sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi ag ath‑agairt gu Cèasar!”


Ach nuair a rinn Pòl ath‑agairt airson a bhith air a chumail an grèim gus an tigeadh roghainn na h‑Ìmpire, dh'àithn mi gum biodh e air a chumail fo ghrèim gus an cuirinn gu Cèasar e.”


An toiseach, tha mi a' toirt taing dham Dhia tro Ìosa Crìosd air ur son‑se uile, a chionn 's gu bheil ur creideamh air aithris gu follaiseach air feadh an t‑saoghail.


Tha na naoimh gu lèir a' cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan