Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 19:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoidheachd gu duine a tha na pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoigheachd gu duine a tha na pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 ʼS nuair a chunnaic iad uile so, bha iad ri monmhur, a g-radh gun robh e air dol gu bhith ʼna aoidh aig duine a tha ʼna pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 19:7
11 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a fhuair iad e, rinn iad gearan an aghaidh a' mhaighstir‑taighe,


Agus riuthasan thuirt e, ‘Thallaibh‑se cuideachd dhan fhìon‑lios agus ge b' e a bhios ceart bheir mi dhuibh e.’


Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thuirt iad ri a dheisciobail, “Carson a dh'itheas ur fear‑teagaisg còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


Agus bha na Pharasaich is na sgrìobhaichean a' gearain, ag ràdh, “Tha am fear seo a' cur fàilte air peacaich agus ag ithe còmhla riutha.”


Mar sin, a' dèanamh cabhaig, thàinig e a‑nuas agus ghabh e ris gu h‑aoibhneach.


Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.”


Agus rinn na Pharasaich is na sgrìobhaichean aca gearain an aghaidh a dheisciobal‑san, ag ràdh, “Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus canaidh sibh, ‘Seall, craosaire agus drungair, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’


Nuair a chunnaic am Pharasach a thug an cuireadh dha seo, thuirt e ris fhèin, “Nam b' e fàidh a bh' anns an duine seo, bhiodh fhios aige cò i am boireannach seo, agus dè an seòrsa tè a th' innte a tha a' beantainn ris, oir is e peacach a th' innte.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan