Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 19:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Mar sin, a' dèanamh cabhaig, thàinig e a‑nuas agus ghabh e ris gu h‑aoibhneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus rinn e cabhag a nuas, us ghabh e ris le aoibhneas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 19:6
11 Iomraidhean Croise  

Nuair a thàinig Ìosa dhan àite, sheall e suas agus thuirt e ris, “A Shachèuis, dèan cabhag 's thig a‑nuas, oir an‑diugh feumaidh mi fuireach aig do thaigh.”


Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.”


Agus dh'fhalbh iad nan cabhaig agus fhuair iad Moire is Iòsaph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich.


Agus rinn Lèbhi fèist mhòr dha na thaigh fhèin, agus bha cuideachd mhòr de chìs‑mhaoir agus de mhuinntir eile ann a' suidhe aig bòrd còmhla riutha.


Agus às dèidh dhi a bhith air a baisteadh, agus a teaghlach cuideachd, chuir i ìmpidh oirnn, ag ràdh, “Ma tha sibh air mo mheas dìleas dhan Tighearna, thigibh a‑steach dham thaigh is fuirichibh.” Agus thug i oirnn.


An uair sin thug e a‑steach dhan taigh aige iad, agus chuir e biadh mun coinneamh. Agus a' creidsinn ann an Dia, rinn e gàirdeachas còmhla ri theaghlach gu lèir.


Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan