Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 18:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Dh'innis Ìosa an uair sin a' chosamhlachd seo do chuid a bha ag earbsa asta fhèin gun robh iad nam fìreanan, agus a bha a' cur feadhainn eile ann an suarachas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus ri cuid, a bha earbsach asda fhein mar dhaoine cearta, us taireil air feadhainn eile, labhair e an dubhfhacal so:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 18:9
22 Iomraidhean Croise  

Ach bha esan ag iarraidh e fhèin fhìreanachadh, agus thuirt e ri Ìosa, “Agus cò e mo choimhearsnach?”


Agus bha na Pharasaich is na sgrìobhaichean a' gearain, ag ràdh, “Tha am fear seo a' cur fàilte air peacaich agus ag ithe còmhla riutha.”


Agus thuirt e riutha, “Is sibhse an fheadhainn a tha gur fìreanachadh fhèin mu choinneamh dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan. Oir an rud a th' air àrdachadh gu mòr am measg dhaoine, tha e na ghràinealachd mu choinneamh Dhè.


Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile – sanntach, eucorach, adhaltranach – no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo.


Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.”


Nuair a chunnaic am Pharasach a thug an cuireadh dha seo, thuirt e ris fhèin, “Nam b' e fàidh a bh' anns an duine seo, bhiodh fhios aige cò i am boireannach seo, agus dè an seòrsa tè a th' innte a tha a' beantainn ris, oir is e peacach a th' innte.”


Fhreagair na h‑Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th' annad agus gu bheil deamhan annad.”


Chàin iad e agus thuirt iad, “Is tusa a dheisciobal‑san, ach is sinne deisciobail Mhaois!


Fhreagair iadsan e, “Rugadh thusa uile‑gu‑lèir ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg‑ne?” Agus thilg iad a‑mach e.


“Agus thuirt e rium, ‘Thalla, oir cuiridh mise fad' air falbh thu gu na Cinnich.’”


Oir, aineolach mun fhìreantachd a tha a' tighinn o Dhia agus a' sireadh am fìreantachd fhèin a shuidheachadh, cha do ghèill iad do dh'fhìreantachd Dhè.


Carson a tha thusa a' toirt breith air do bhràthair? No thusa, carson a tha thu a' dèanamh tàir air do bhràthair? Oir seasaidh sinn uile mu choinneamh cathair‑breitheanais Dhè.


Na cuireadh esan a dh'itheas ann an suarachas esan a tha a' seachnadh, agus na toireadh esan nach eil ag ithe breith air an neach a dh'itheas, oir tha Dia air gabhail ris.


Bha mi aig aon àm beò às aonais an lagha, ach nuair a thàinig an àithne, thàinig am peacadh beò


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan