Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 18:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Agus nach toir Dia ceartas dha dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a latha 's a dh'oidhche? Am bi e slaodach gus am freagairt?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad‐fhulangach mun timcheall?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Agus nach dian Dia diughaltas air son a dhaoine taghte, a tha g-eigheach ris a latha ʼsa dhʼoidhche; ʼs am bi faighidin aige gan taobh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 18:7
31 Iomraidhean Croise  

Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh, ach air sgàth na feadhna thaghte thèid na làithean sin a ghiorrachadh.


Oir èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean mòra agus iongantasan, airson 's – nan robh e an comas – fiù 's an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh.


Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach motha na sin a bheir ur n‑Athair a th' air nèamh rudan matha dhaibhsan a dh'iarras air?


Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”


agus an uair sin na banntraich gus an robh i ochdad 's a ceithir. Cha do dh'fhàg i an teampall, a' dèanamh seirbheis le trasgadh is ùrnaigh a latha 's a dh'oidhche.


Nuair a thòisicheas na rudan seo air tachairt, seasaibh suas agus togaibh ur cinn, oir tha ur saoradh a' tighinn faisg.”


Cò a bheir casaid sam bith an aghaidh luchd taghte Dhè? Is e Dia a dh'fhìreanaicheas.


Mar sin, mar dhaoine taghte Dhè, naomh is gràdhaichte, cuiribh oirbh caomh‑thròcairean, coibhneas, irioslachd, ciùineas, foighidinn,


A dh'oidhche is a latha, leis a h‑uile dùrachd, dh'iarr sinn ur n‑aghaidh fhaicinn, agus gun dèanamaid suas na tha a dhìth air ur creideimh.


Oir is e nì ceart a th' ann le Dia, a bhith a' pàigheadh air ais le trioblaid an fheadhainn a tha gur claoidh.


A‑nis, tha ise a tha dha‑rìribh na banntraich, 's air a fàgail na h‑aonar, a' cur a dòchais ann an Dia, agus a' leantainn ann an tagraidhean 's ann an ùrnaighean a dh'oidhche 's a latha.


Tha mi a' toirt taing do Dhia, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis, mar a rinn mo shinnsirean, ann an cogais ghlan, gu bheil cuimhne agam ortsa gun sgur nam ùrnaighean, a dh'oidhche 's a latha,


Mar sin tha mi a' giùlain a h‑uile sìon air an sgàth‑san a tha taghte, gus am faigh iadsan cuideachd an sàbhaladh a th' ann an Crìosd Ìosa, le glòir shìorraidh.


Pòl, seirbheiseach Dhè, agus abstol Ìosa Crìosd, a rèir creideamh dhaoine taghte Dhè is eòlas na fìrinne a tha a rèir diadhachd;


Peadar, abstol Ìosa Crìosd, Gu na fògarraich a th' air an sgapadh air feadh Phontus, Ghalàtia, Chappadòcia, Àisia 's Bhitinia, taghta


Chan eil an Tighearna slaodach a thaobh a gheallaidh, mar a mheasas cuid slaodachd, ach tha e fad‑fhulangach leinn, gun mhiannachadh gun deigheadh neach sam bith a sgrios, ach gun tigeadh a h‑uile neach gu aithreachas.


Dèan aoibhneas thairis air, nèamh is naoimh is abstoil is fàidhean, oir thug Dia breith air as ur leth.’”


Agus ghlaodh iad le guth àrd ag ràdh, “Dè cho fada, a Mhaighstir naoimh is fhìor, gus an toir thu breith agus gus an dèan thu dìoghaltas airson ar fala, orrasan a tha a' còmhnaidh air an talamh?”


Mar sin: “tha iad mu choinneamh rìgh‑chathrach Dhè agus a' dèanamh seirbheis dha a latha 's a dh'oidhche na theampall, agus sgaoilidh esan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair a phàillean thairis orra.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan