Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “Ach cò nur measg aig a bheil seirbheiseach a bha dìreach air tilleadh o bhith a' treabhadh no a' buachailleachd a chanadh ris, ‘Thig anns a' bhad, agus suidh sìos gu biadh’?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ach co agaibhse aig a bheil seirbhiseach a treabhadh, no g-àrach feudalach, a their ris, nuair a thig e bho ʼn achadh: Falbh gu h-ealamh, suidh gu biadh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:7
6 Iomraidhean Croise  

Thuirt esan riutha, “Cò an duine o ur measg aig am bi caora, agus ma thuiteas i a‑steach do tholl air an t‑Sàbaid, nach beir oirre agus nach tog às i?


An uair sin fhreagair an Tighearna e, “A bhreug‑chràbhaichean! Nach fuasgail gach aon agaibh an damh no an t‑asal aige on phrasaich air latha na Sàbaid agus nach toir e a‑mach airson deoch e?


An uair sin thuirt e riuthasan, “Cò agaibhse, ma thuiteas a mhac no a dhamh ann an tobar, nach tarraing a‑mach anns a' bhad e air latha na Sàbaid?”


“Dìreach mar a bha ann an làithean Nòah, mar sin cuideachd bithidh ann an làithean Mhic an Duine.


Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.


Nach dòcha an àite sin gun canadh e ris, ‘Ullaich suipear dhomh agus, a' cur aodach ceart ort, fritheil dhomh fhad 's a dh'itheas is a dh'òlas mi; agus às dèidh sin ithidh is òlaidh tusa’?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan