Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Us thuirt an Tighearna: Nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne de shiol mustaird, theireadh sibh ris a chraoibh mhaol-dhearc so: Bi air do spionadh, ʼs bi air do shuidheachadh sa mhuir; agus bhiodh i umhailt dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:6
13 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt esan, “Thig.” Is thàinig Peadar a‑mach às an eathar agus choisich e air na h‑uisgeachan is thàinig e gu Ìosa.


Thuirt e riutha, “Air sgàth ur beag‑creideimh. Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh mar shìol de ghràinne mustaird agaibh, canaidh sibh ris a' bheinn seo, ‘Gluais à seo gu sin,’ agus gluaisidh i, agus cha bhi rud sam bith eu‑comasach dhuibh.”


Ach fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas‑cridhe, chan e a‑mhàin gun dèan sibh na chaidh a dhèanamh air a' chraobh‑fhìge, ach fiù 's ma chanas sibh ris a' bheinn seo, ‘Bidh air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ tachraidh e.


Tha i coltach ri gràinne mustaird, rud – nuair a thèid a chur san talamh – as lugha dhe na sìl gu lèir a th' air thalamh,


Agus thuirt Ìosa ris, “‘Mas urrainn dhut!’ Tha a h‑uile rud comasach dhan neach a chreideas.”


Tha i coltach ri gràinne mustaird a ghabh duine agus a chuir e na ghàrradh. Dh'fhàs e gus a bhith na chraoibh, agus rinn eòin an adhair neadan na geugan.”


“Ach cò nur measg aig a bheil seirbheiseach a bha dìreach air tilleadh o bhith a' treabhadh no a' buachailleachd a chanadh ris, ‘Thig anns a' bhad, agus suidh sìos gu biadh’?


Mar sin ruith e air thoiseach agus shreap e suas ann an craoibh shicamoir airson 's gum faiceadh e esan, oir bha Ìosa gus a dhol seachad an taobh sin.


Nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas rithe, agus thuirt e rithe, “Na bi a' caoineadh.”


agus chuir e iad gu Ìosa airson faighneachd, “An tusa esan a bha ri thighinn, no an sùilich sinn neach eile?”


Agus ged a bhiodh fàidheadaireachd agam, agus ged a thuiginn na rùintean dìomhair gu lèir agus gach uile eòlas, agus ged a bhiodh a h‑uile creideamh agam, airson 's gun gluaisinn beanntan, ach nach eil gaol agam, chan eil annam ach neoni.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan