Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:30 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

30 “Is ann dìreach mar sin a bhitheas air an latha anns an tèid Mac an Duine fhoillseachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

30 Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

30 Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

30 ʼSann mar sin a bhios san là air an nochdar Mac an duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:30
22 Iomraidhean Croise  

Oir tha Mac an Duine a' dol a thighinn ann an glòir Athar, le na h‑ainglean aige, agus an uair sin bheir e air ais do gach neach a rèir na rinn e.


Fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola, thàinig na deisciobail thuige gu prìobhaideach, ag ràdh, “Innis dhuinne cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd‑sa, agus deireadh na linne?”


Oir mar a bha làithean Nòah, mar sin bidh teachd Mhic an Duine.


agus nach robh sìon a dh'fhios aca gus an tàinig an tuil, is thog i leatha iad uile. Mar sin bidh teachd Mhic an Duine.


Thuirt Ìosa ris, “Thuirt thu e. Ach tha mi ag ràdh ribh, às dèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn air neòil nèimh.”


“Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòthan, le mòr‑chumhachd agus glòir.


Oir mar a tha an dealanach a' boillsgeadh 's a' lasadh an adhair o aon taobh chun an taoibh eile, mar sin bidh Mac an Duine na latha fhèin.


Ach air an latha nuair a chaidh Lot a‑mach à Sodom, chaidh teine 's pronnasg a fhrasadh o nèamh, agus sgrios e iad uile.


oir is iad sin làithean an dìoghaltais, airson a h‑uile rud a tha sgrìobhte a choileanadh.


Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòth, le cumhachd agus mòr‑ghlòir.


airson 's nach eil sibh a dhìth tiodhlac spioradail sam bith, fhad 's a tha sibh a' feitheamh air taisbeanadh ar Tighearna Ìosa Crìosd,


a neartaicheas cuideachd sibh chun an deiridh, gun chionta air latha ar Tighearna Ìosa Crìosd.


Nuair a bhios Crìosd, ur beatha, air fhoillseachadh, an uair sin bidh sibhse cuideachd air ur foillseachadh còmhla ris ann an glòir.


Agus dhuibhse, an fheadhainn a th' air ur claoidh, faochadh còmhla rinne aig foillseachadh an Tighearna Ìosa o nèimh le ainglean a chumhachd


Mar sin, deasaichibh ur n‑inntinnean, bithibh sòbarra nur n‑inntinn, agus biodh ur dòchas gu tur air a' ghràs sin a tha a' tighinn thugaibh aig foillseachadh Ìosa Crìosd.


airson 's gun tèid deuchainn ur creideimh – a tha tòrr mòr nas prìseile na òr a rachas a dhìth – a dhearbhadh fìor tro theine, 's air fhaighinn gu moladh is glòir is onair, aig foillseachadh Ìosa Crìosd.


ach san tomhas sa bheil sibh a' compairteachadh ann am fulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas, gus an dèan sibh cuideachd gàirdeachas is aoibhneas aig foillseachadh a ghlòir‑san.


Agus a‑nis, a chlann bheaga, fuirichibh annsan airson 's nuair a nochdas e gum bi misneachd againn agus nach bi nàire oirnn ma choinneamh, aig a thighinn.


A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.


“Seallaibh! Tha e tighinn le na sgòthan, agus chì a h‑uile sùil e, eadhon iadsan a lot e; agus nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh air a shon.” 'S iad a nì. Amen.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan