Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Às dèidh dha na Pharasaich faighneachd dha cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad ag ràdh, “Chan eil rìoghachd Dhè a' tighinn le comharraidhean a tha follaiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Agus dhʼfharraid na Phairisich dheth: Cuin a thig rioghachd Dhe? gam freagairt thuirt e: Cha tig rioghachd Dhe an seol gum faicear i;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:20
9 Iomraidhean Croise  

‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’


Agus thachair, nuair a bha Ìosa a' dol chun an taighe aig aon de riaghladairean nam Pharasach air an t‑Sàbaid a dh'ithe arain, gun robh iad a' dèanamh geur‑fhaire air.


“Bha an Lagh agus na Fàidhean ann gu àm Eòin. On àm sin tha Deagh Sgeul rìoghachd Dhè air a shearmonachadh agus tha gach neach a' dol a‑steach innte le dian‑strì.


Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad.


Fhreagair Ìosa, “Chan ann on t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd‑sa. Nam b' ann on t‑saoghal seo a bha mo rìoghachd, bha mo sheirbheisich air a bhith a' cogadh, airson 's nach deigheadh mo thoirt thairis dha na h‑Iùdhaich. Ach mar a tha, chan ann à seo a tha mo rìoghachd.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan