Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 B’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 B’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Bʼ fhearr dha clach-mhuilinn a bhith air a crochadh mu amhaich, agus e bhith air a thilgeadh sa mhuir, na e sgainneal a thoirt do h-aon dhe ʼn fheadhainn ʼbheaga so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:2
13 Iomraidhean Croise  

A dh'aindeoin sin, airson 's nach toir sinn oilbheum dhaibh, thalla chun na mara is tilg dubhan innte, agus gabh a' chiad iasg a thig suas; is nuair a dh'fhosglas tu a bheul gheibh thu bonn airgid. Gabh sin is thoir dhaibh e air mo shon‑sa agus air do shon fhèin.”


“Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.


Mar seo chan i toil ur n‑Athar‑se a th' air nèamh gun deigheadh aon neach dhen fheadhainn bhig seo a chall.


Thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath; bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.”


“Ge b' e cò a dh'adhbhraicheas do dh'aon dhen mhuinntir bhig seo a tha a' creidsinn annamsa gum peacaich iad, b' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn mhòr air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge.


Mar sin nuair a bha iad air am bracaist a chrìochnachadh, thuirt Ìosa ri Sìmon Peadar, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gaoil agad ormsa na iad sin?” Thuirt e ris, “Tha, a Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair e, “Beathaich m' uain.”


Ach chan eil mi air na còraichean seo a chleachdadh, cha mhotha a tha mi a' sgrìobhadh nan rudan seo airson 's gun dèan sibh a leithid seo dhòmhsa. Oir b' fheàrr leam bàsachadh na gum falmhaicheadh neach sam bith mo bhòstadh.


Dhaibhsan a bha lag thàinig mi gus a bhith lag, airson 's gum buannaichinn iadsan a bha lag. Tha mi air tighinn gus a bhith nam uile nì dhan a h‑uile neach, airson 's – sa h‑uile dòigh – gun sàbhailinn cuid.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan