Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan-san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan‐san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Us thuit e air aghaidh aig a chasan, a toirt taing: agus bu Shamaritanach e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:16
21 Iomraidhean Croise  

Chuir Ìosa a‑mach an dà fhear dheug seo, ag àithne dhaibh, “Na rachaibh gu slighe nan Cinneach agus na rachaibh a‑steach do bhaile Shamaritanach,


Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr.


An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha.


An uair sin fhreagair Ìosa, “Nach deach deichnear a ghlanadh? Càit a bheil an naoinear eile?


Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo, thuit e sìos aig glùinean Ìosa, ag ràdh, “Theirig air falbh uamsa, a Thighearna, oir is e duine peacach a th' annam.”


Thuirt am boireannach o Shamaria ris, “Ciamar as urrainn dhutsa a tha nad Iùdhach deoch iarraidh ormsa a tha nam bhoireannach Samaritanach?” (Oir chan eil comann aig Iùdhaich ri Samaritanaich.)


airson 's gun toireadh na h‑uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a' toirt urraim dhan Athair a chuir a‑mach e.


Fhreagair na h‑Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th' annad agus gu bheil deamhan annad.”


Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”


tha dìomhaireachdan a chridhe air am foillseachadh, agus mar sin – a' tuiteam air aghaidh – nì e adhradh do Dhia a' cur an cèill gu bheil Dia dha‑rìribh nur measg.


Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”


tuitidh na fichead 's a ceithir èildear mu choinneamh‑san a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus nì iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus tilgidh iad an crùintean mu choinneamh na rìgh‑chathrach, ag ràdh:


Agus bha na ceithir creutairean beòtha ag ràdh, “Amen”, agus thuit na h‑èildearan sìos agus rinn iad adhradh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan