Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 17:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Chan urrainn nach tig buairidhean gus a bhith a' peacachadh, ach is mairg dhàsan tron tig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig oilbheuman: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig oilbheuman: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus thuirt e ri dheisciopuil: ʼS fheudar gun tig sgainnealan: ach se mo thruaighe an duine leis an tig iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 17:1
14 Iomraidhean Croise  

Ach thionndaidh e is thuirt e ri Peadar, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Tha thu nad cheap‑tuislidh dhomh. Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”


Is mairg dhan t‑saoghal air sgàth cheapan‑tuislidh! Oir feumaidh gun tig ceapan‑tuislidh, ach is mairg dhan neach sin tron tig an ceap‑tuislidh!


“Thuirt e ris, ‘Mura h‑èist iad ri Maois agus na fàidhean, cha mhotha a bhios iad dearbhte às nan èireadh neach o na mairbh.’”


Air an adhbhar sin na toireamaid breith air càch‑a‑chèile, ach an àite sin roghnaicheamaid nach cuir sinn clach‑tuislidh no ceap‑tuislidh ann an slighe bràthar.


Tha mi a' cur ìmpidh oirbh, a bhràithrean, an aire a thoirt orrasan a tha a' dèanamh sgaraidhean is ceapan‑tuislidh a tha an aghaidh an teagaisg a dh'ionnsaich sibh; seachnaibh iad.


Na toiribh oilbheum do dh'Iùdhaich no do Ghreugaich no do dh'eaglais Dhè,


Oir feumaidh roinnean a bhith nur measg airson 's gun tèid am buidheann a tha fìor nur measg a dhèanamh follaiseach.


Mar sin, ma tha biadh a' toirt air mo bhràthair tuisleadh, chan ith mi feòil a‑chaoidh, airson 's nach toir mi air mo bhràthair tuisleadh.


A‑nis tha an Spiorad a dh'aona‑ghnothach ag ràdh, gum bi cuid sna h‑amannan deireannach a dh'fhàgas an creideamh, a' toirt aire do spioradan mheallta is teagasgan dheamhain,


Ach tha rud no dhà agam nad aghaidh, a chionn 's gu bheil feadhainn agad an sin a tha a' cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‑tuislidh a thilgeil ro chloinn Israeil: na chaidh ìobradh do dh'iodhalan ithe agus strìopachas a dhèanamh.


Ach tha seo agam nad aghaidh, gu bheil thu a' fulang a' bhoireannaich ud, Iesebel, a tha a' gabhail ban‑fhàidh oirre fhèin, agus a tha a' teagasg 's a' mealladh mo sheirbheisich gus strìopachas a dhèanamh agus rudan a th' air ìobradh do dh'iodhalan ithe.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan