Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 16:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Tha mise ag ràdh ribh, dèanaibh caraidean dhuib' fhèin le beairteas na h‑eucoir, airson 's, nuair a theirigeas e, gun tèid fàilte a chur oirbh a dh'àiteachan‑fuirich sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean‐còmhnaidh sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus tha mi g-radh ribh: dianaibh dhuibh fhein cairdean le mammon an uilc, air chor ʼs nuair a dhʼfhailnicheas sibh, gun gabh iad stigh sibh do phaillionan siorruidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 16:9
28 Iomraidhean Croise  

Thuirt Ìosa ris, “Mas e do thoil a bhith coileanta, thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh; agus trobhad 's lean mise.”


“Na taisgibh ionmhasan air an talamh dhuib' fhèin, far an dèan an leòmann agus a' mheirg sgrios agus far am bris mèirlich a‑steach 's a nì iad goid.


“Chan urrainn neach sam bith seirbheis a dhèanamh do dhithis mhaighstir, oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus gràdhaichidh e am fear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan urrainn dhuibh seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.


Ach thugaibh mar dhèirce na rudan sin a tha air an taobh a‑staigh agus seall, bidh a h‑uile rud glan dhuibh.


Reicibh ur seilbh agus thugaibh dèirc. Dèanaibh dhuib' fhèin sporain nach fàs sean, le ionmhas nach teirig anns na nèamhan, far nach tig mèirleach faisg agus nach sgrios an leòmann.


agus bidh thu beannaichte, a chionn 's nach urrainn dhaibh d' ath‑dhìoladh. Oir gheibh thusa d' ath‑dhìoladh ann an aiseirigh nam fìrean.”


Mar sin, mura robh sibh dìleas anns an t‑saidhbhreas eucorach, cò a dh'earbas ribh am fìor shaidhbhreas?


“Chan urrainn do sheirbheiseach seirbheis a dhèanamh do dhà mhaighstir. Oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus bheir e gràdh dhan fhear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.”


Tha fios agam dè a nì mi airson 's nuair a chuirear às an stiùbhardachd mi, gun cuir iad fàilte orm a‑steach dhan taighean.’


agus thuirt e, ‘A Chorneliuis, tha d' ùrnaighean agus do dhèircean air a dhol suas mar chuimhneachan mu choinneamh Dhè.


Agus gheur‑amhairc e air, fo oillt, is thuirt e, “Dè a th' ann, a thighearna?” Agus thuirt e ris, “Tha d' ùrnaighean is do dhèircean air a dhol suas mar chuimhneachan mu choinneamh Dhè.


Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, mòmaideach ag obrachadh dhuinne cuideam glòire sìorraidh a tha thar tomhais sam bith,


cumaibh sib' fhèin ann an gràdh Dhè, a' feitheamh air tròcair ar Tighearna Ìosa Crìosd – gu beatha shìorraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan