Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 16:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “An uair sin thuirt e ri fear eile, ‘Agus dè na h‑uimhir 's a th' aige ortsa?’ “Agus thuirt esan, ‘Ceud tomhas cruithneachd.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais agus sgrìobh ochdad.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir-fichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir‐fichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 An sin thuirt e ri fear eile: Ach thusa, dé urad ʼsa thʼ aig ortsa? Thuirt e: Ciad tomhas cruithneachd. Thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh agus sgriobh ceithir fichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 16:7
7 Iomraidhean Croise  

“Ach nuair a chaidh an seirbheiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon dhe a cho‑sheirbheisich a bh' ann am fiachan ceud denarius dha, agus ga ghlacadh, thòisich e ri thachdadh, ag ràdh, ‘Pàigh air ais d' fhiachan!’


“Thuirt esan, ‘Ceud tomhas ola.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais, agus suidh sìos gu luath is sgrìobh caogad.’


“Mhol am maighstir an stiùbhard eucorach a chionn 's gun do rinn e gu glic. Oir tha clann an t‑saoghail seo nas glice a thaobh an ginealaich fhèin na clann an t‑solais.


agus an uair sin na banntraich gus an robh i ochdad 's a ceithir. Cha do dh'fhàg i an teampall, a' dèanamh seirbheis le trasgadh is ùrnaigh a latha 's a dh'oidhche.


Agus chuir e an treas fear a‑mach, ach leòn iad am fear seo cuideachd is thilg iad a‑mach e.


Agus thòisich e air a' chosamhlachd seo innse dhan t‑sluagh: “Chuir duine fìon‑lios, agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich airson ùine mhòir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan