Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 16:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 “Agus ghairm e thuige gach aon dhiubhsan a bha ann am fiachan ri a mhaighstir. Ris a' chiad fhear thuirt e, ‘Dè na h‑uimhir 's a th' aig mo mhaighstir ortsa?’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Uime sin a gairm ri cheile a h-uile h-aon de luchd-ain-fhiach a thighearna, thuirt e ris a chiad fhear: Dé urad ʼsa thʼaig mo thighearna ortsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 16:5
6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thòisich e a' cur an òrdugh, chaidh neach‑fiach a thoirt thuige a bha fo fhiachan deich mìle tàlann dha.


“Ach nuair a chaidh an seirbheiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon dhe a cho‑sheirbheisich a bh' ann am fiachan ceud denarius dha, agus ga ghlacadh, thòisich e ri thachdadh, ag ràdh, ‘Pàigh air ais d' fhiachan!’


agus math dhuinn ar fiachan, mar a tha sinne cuideachd air mathadh dhar luchd‑fiach.


Tha fios agam dè a nì mi airson 's nuair a chuirear às an stiùbhardachd mi, gun cuir iad fàilte orm a‑steach dhan taighean.’


“Thuirt esan, ‘Ceud tomhas ola.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais, agus suidh sìos gu luath is sgrìobh caogad.’


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan