Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 15:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 “Beagan làithean às dèidh sin, chruinnich am mac a b' òige a chuid gu lèir, agus chaidh e air turas do dhùthaich fhad' às agus an sin chaith e a mhaoin air beatha stròdhail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Agus an ceann beagan laithean an deigh sin, thionail am mac a bʼoige a chuid uile, us shiubhail e do chein-thir, agus chaith e a mhaoin an sin le caithe-beatha straoidheil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 15:13
35 Iomraidhean Croise  

Thuirt am mac a b' òige dhiubh ri athair, ‘Athair, thoir dhòmhsa an roinn dhed mhaoin a thig thugam.’ Agus roinn e eatarra a sheilbh.


Agus nuair a bha e air a h‑uile rud a chaitheamh, dh'èirich gort ro mhòr anns an dùthaich sin, agus thòisich e air a bhith ann an dìth.


Ach nuair a thàinig do mhac seo, am fear a chaith do sheilbh còmhla ri siùrsaichean, mharbh thu an laogh reamhraichte dha!’


Thuirt Ìosa cuideachd ri a dheisciobail, “Bha duine beairteach ann aig an robh stiùbhard, agus chaidh casaidean a thoirt na aghaidh gun robh e a' dèanamh ana‑caitheamh air a chuid.


“Bha duine beairteach àraidh ann a bha air èideadh ann am purpaidh agus anart grinn a bha a' fèisteadh gu sòghail gach latha.


Ach a‑nis ann an Crìosd Ìosa tha sibhse a bha roimhe fad o làimh air a bhith air ur toirt faisg tro fhuil Chrìosd.


Agus thàinig e is shearmonaich e sìth dhuibhse a bha fad às agus sìth dhaibhsan a bha faisg.


a' fulang cron mar ath‑dhìoladh airson a' chroin a rinn iad. Tha iad ga chunntadh mar thlachd a bhith sòghail san latha. Tha iad nan spotan 's nan smalan, is iad ri mòr‑shògh nam mealltaireachdan fhèin, 's iad air chuirm còmhla ribh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan